Iain Mac a' Ghobhainn

Moray Watson


’S e sgeulachd a th’ ann am beatha: sgeulachd seach eachdraidh. Ged a tha sin an-còmhnaidh soilleir, tha e air fàs fiù ’s nas cinntich buileach dhomh o thòisich mi ag obair air sgrìobhaidhean Iain Mhic a’ Ghobhainn. Tha sinn uile eòlach air na prìomh phuingean: bàrd Leòdhasach ainmeil airson sgrìobhadh an dà chuid ann an Gàidhlig ’s ann am Beurla; no, is dòcha, ùghdar Consider the Lilies, mas e Beurla as fheàrr leat, no ùghdar An Aonarain mas e Gàidhlig a chòrdas riut; no, dè mu dheidhinn ball den bhuidheann (nach robh riamh na bhuidheann) de bhàird ùr-nòsach a thug atharrachadh mòr air bàrdachd na Gàidhlig san 20mh linn? Airson cuid, is esan sgrìobhadair nan dealbhan-cluiche a nochd air an àrd-ùrlar ann an Earra-Ghàidheal; airson cuid eile, ’s e an sgrìobhadair a bha air cùl sgeulachdan a dh’adhbharaich connspoid, leithid “A’ Bhan-shoisgeulaiche”; agus airson cuid eile, ’s e a thug an nòs ùr a-steach dhan sgeulachd Ghàidhlig sna 1960an eadar duilleagan Ghairm. Tha mi fhèin air tòrr ionnsachadh ma dheidhinn anns na fichead bliadhna a dh’fhalbh, ach a dh’aindeoin sin thàinig dòrlach de rudan ùra am follais o chionn mìos no dhà a thug orm cuimhneachadh nach eil sinn uair sam bith gu tur eòlach air beathannan dhaoine eile.



An e an t-ùghdar fhèin as coireach gu bheil sinn an ìre mhath aineolach air a bheatha; an e am foillsichear, an luchd-rannsachaidh, an leughadair? Mar eisimpleir, ionnsaichidh sinn gun d’ rugadh is gun do thogadh Iain Mac a’ Ghobhainn ann an Leòdhas ma bheir sinn sùil air còmhdaichean cuid de na leabhraichean aige no air aiste no dhà a chaidh a sgrìobhadh mun obair aige. Ach rugadh e ann an Glaschu, is dh’fhuirich e ann airson trì bliadhna mus do dh’imrich an teaghlach a Leòdhas. Dàrna eisimpleir: air sgàth cuid den bhàrdachd agus cuid de na sgeulachdan, tha feadhainn a’ creidsinn gur e duine trom-chùiseach a bh’ ann, gun mòran aigheir no àbhachdais; ach tha seo calg-dhìreach an aghaidh mar a bha Iain Mac a’ Ghobhainn ann an dà-rìribh: ’s e duine làn spòrs is fealla-dhà a bh’ ann. Chòrd e ris a bhith a’ coinneachadh ri daoine, ag innse sgeulachdan is a’ pàirteachadh dibhearsain. Treasamh eisimpleir: bhiodh e na shuidhe aig a’ chlò-sgrìobhadair (aig a’ bheirt, mar a chanadh e fhèin uaireannan ann am fealla-dhà) fad na h-ùine, is cha mheantraigeadh e a-mach às an taigh. Chan eil seo fìor nas motha. Seadh, ’s ann a bha e dìorrasach is dìcheallach: chan eil teagamh sam bith a thaobh sin. Ach, nuair a choimhead mi air an leabhar-latha aige san Leabharlann Nàiseanta ann an Dùn Èideann, chunnaic mi gur ann glè thric a bhiodh e air falbh bhon taigh. Bhiodh e a’ siubhal gu math tric leis an obair aige. Mar eisimpleir, bhiodh tidsearan ga fhiathachadh gu sgoiltean gus bruidhinn ris na sgoilearan aca; bhiodh e a’ tadhal air buidhnean-sgrìobhaidh; bhiodh e a’ teagasg air cùrsaichean sgrìobhaidh; bhiodh e a’ leughadh a-mach bàrdachd aig fèisean litreachais; bhiodh e a’ coinneachadh ri daoine a bha airson a cheasnachadh mun obair aige (daoine coltach rium fhèin nam measg: luchd-rannsachaidh litreachais); agus bha e dèidheil air tadhal air càirdean is falbh air làithean-saora.




Ann an aiste no dhà a sgrìobh mi fhèin, thug mi sùil air mar a bhiodh Mac a’ Ghobhainn ga riochdachadh fhèin mar sgrìobhadair, agus air mar a bhathar ga fhaicinn cuideachd. Aon rud a thàinig am follais, ’s e gun robh feadhainn nach robh a’ tuigsinn cho cudromach ’s a bha a sgrìobhadh Gàidhlig dha, agus feadhainn nach robh fhios aca, a rèir coltais, gur e sgrìobhadair Gàidhlig a bh’ ann dheth. Agus, a’ buntainn ri seo, chithear nach biodh luchd-leughaidh na Gàidhlig an-còmhnaidh cho eòlach air a chuid sgrìobhaidh sa Bheurla. Mar thoradh air a h-uile càil a tha seo, cha mhòr nach saoilte gur e dà sgrìobhadair air leth a bh’ ann. Ach airson tighinn gu tuigse nas iomlain air an obair aige, bhiodh e gu math fhèin cuideachail a leughadh anns an dà chànain – chan ann a-mhàin airson dealbh làn fhaicinn, ach cuideachd airson ’s gun toirear fa-near do thèaman, moitifean is ùidhean a nochd gu tric ge b’ oil le dè an cànan no dè am modh sgrìobhaidh a bha Mac a’ Ghobhainn a’ cur gu feum.


Bha mi glè fhortanach gun d’ fhuair mi dà chothrom air leth nuair a bha mi ag ionnsachadh mu dheidhinn Iain Mhic a’ Ghobhainn. Sa chiad àite, thug Urras Carnegie tabhartas dhomh a leig leam obair anns an Leabharlann Nàiseanta, far a bheil na pàipearan aig Iain Mac a’ Ghobhainn air an glèidheadh. San dàrna àite, dh’obraich mi còmhla ri Iain MacDhòmhnaill a bha roimhe an dreuchd mar stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean. Bhon dà thùs sin, dh’ionnsaich mi an t-uabhas; ach dh’ionnsaich fiù ’s Iain a bharrachd bho charaidean sgoile agus bho bhanntrach Iain Mhic a’ Ghobhainn am-bliadhna fhèin. Tha sin, ma bha a leithid a dhìth, mar fhianais nach eil an sgeulachd iomlan againn a-chaoidh.


Bidh Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba a’ foillseachadh an leabhair a dheasaich Iain is mi fhèin san dàrna leth den bhliadhna: ’s e a th’ ann ach cruinneachadh de na sgeulachdan Gàidhlig a sgrìobh Mac a’ Ghobhainn, agus an cois le sin tha aiste le Iain MacDhòmhnaill a tha ag innse beagan a bharrachd de sgeulachd beatha Iain Mhic a’ Ghobhainn.





Dealbh le Hazel Frew.

Drop Me a Line, Let Me Know What You Think

© 2023 by Train of Thoughts. Proudly created with Wix.com