Nobhailean na Gàidhlig

Moray Watson


Nuair a thòisich mise (agus Gregor) air Gàidhlig ionnsachadh, o chionn còrr is deich bliadhna air fhichead, cha mhòr gun canadh neach gun robh a leithid rud agus nobhailean Gàidhlig ann. An taca ris an t-suidheachadh a bha ann, ’s ann a thàinig an dà latha! Tha deagh chuimhne agam air an Àrd-ollamh Domhnall MacAmlaigh (nach maireann) ag innse dhuinn gun robhar an dùil ath-fhoillseachadh a chur an clò den nobhail An t-Aonaran le Iain Mac a’ Ghobhainn agus gum b’ fhiach an leabhar a leughadh (ged a bha duilgheadasan gu leòr againn agus sinn a’ leughadh sgeulachdan goirid aig an àm). Cha robh càil a dh’fhios agam nach robh aon nobhail eile ann an clò sna làithean ud, ged nach robh fada ri feitheamh gus an do nochd Na Speuclairean Dubha.


O chionn deich bliadhna, bha mi air leithid de dh’umhail a chur air an t-suidheachadh is gun do sgrìobh mi an leabhar An Introduction to Gaelic Fiction, san do rinn mi liosta agus lèirmheas air gach nobhail (agus cuid mhòr de na sgeulachdan cuideachd) a bha air nochdadh thuige sin. Ach, tha an suidheachadh air a bhith a’ sìor-ghluasad bhon uairsin, gu ìre agus gu bheil sinn an dùil nobhailean ùra fhaicinn gach bliadhna: chan e annas a tha ann tuilleadh. Sgrìobh an t-Àrd-ollamh Alan Titley lèirmheas coibhneil mun leabhar agam: ga rèir-san, bha mi air gach nobhail is sgeulachd Ghàidhlig a leughadh aig an àm sin. Is dòcha nach robh e fada ceàrr, ach tha an t-uabhas air tachairt san eadar-àm, agus cha b’ urrainnear an aon rud a ràdh an latha an-diugh. ’S ann a tha mi toilichte sin a ràdh cuideachd: tha e a’ ciallachadh gu bheil saoghal uirsgeul na Gàidhlig air fàs nas fhallaine is nas beairtiche.



Nochd nobhailean na Gàidhlig ann an ceithir cuibhreannan. Ged a bhiodh e comasach a ràdh gun robh rudeigin ‘uirsgeulach’ ann san 19mh linn, is àbhaist dhuinn cumail a-mach gur ann eadar 1912 agus 1921 a chaidh a’ chiad chuibhreann dhiubh fhoillseachadh, agus b’ iad Dùn-àluinn le Iain MacCormaig, An t-Ogha Mòr le Aonghais MacDhonnchaidh, is Cailin Sgiathanach le Seumas MacLeòid na trì nobhailean a nochd san tràth ud. Cha do thachair mòran an dèidh sin, gus na 1970an. Bhathar a’ leasachadh gu mòr ficsean uirsgeulach sna 1950an is 1960an, gu seachd àraidh eadar duilleagan na h-irise Gairm, agus nochd tionndadh de nobhail chloinne aig deireadh nan 1960an. Ach, ’s ann sna 1970an a thàinig an dàrna cuibhreann de nobhailean do dh’inbhich am follais, An t-Aonaran nam measg. Chan eil teagamh sam bith gur ann sna 1970an a thàinig an nobhail Ghàidhlig gu inbhe. Ged nach robh ach beagan dhiubh ann, bha na bha ann air thoiseach air na chaidh romhpa, agus gu seachd àraidh An t-Aonaran agus Deireadh an Fhoghair (1979) le Tormod (a’ Bhocsair) Caimbeul. Tha Deireadh an Fhoghair cho brìgheil agus gun deach eadar-theangachadh gu Seicis o chionn bliadhna no dhà le Petra Poncarová (Konec Podzimu): tha e san amharc dhomh an dreach sin a leughadh latha brèagha air choreigin… ach thig orm piseach a chur air mo chuid Sheicis ron uairsin!


Ged a nochd dòrlach de nobhailean goirid eadar 1979 is 1999 (an treasamh cuibhreann), ’s ann anns na 2000an a thòisich na leabhraichean a’ nochdadh gu cunbhallach (an ceathramh cuibhreann). ’S e an taic a chuir Comhairle nan Leabhraichean ri sgrìobhadairean is foillsichearan a chruthaich suidheachadh san gabhadh seo dèanamh, agus bu chòir dhuinn uile a bhith taingeil asta air na h-oidhirpean a rinn iad dhuinn.


O chionn ghoirid, leugh mi nobhail eachdraidheil sa Ghàidhlig a tha a’ leantainn oifigear-dìon David Lloyd George. Tha an leabhar seo a’ fighe a-steach poilitigs, beachdaireachd, adhaltranas, strì airson còraichean, strì airson aithne, agus cogaidhean eadar-nàiseanta is catharra a’ dol sa chùl-raon. Abair gu bheil an nobhail Ghàidhlig air adhartas a dhèanamh san fhichead bhliadhna a dh’fhalbh! Nuair a bheir sinn sùil air na sgeilpichean ann an Sràid Achadh a’ Mhansa na làithean seo, tha rud ann nach robh ann roimhe: taghadh. Tha taghadh mìorbhaileach ann, eadar nobhailean le fòcas air gaol, conaltradh, dearbh-aithne, eachdraidh, fòirneart, fionn-sgeul, ficsean saidheansail, agus àbhachdas. Chithear cuideachd gu bheil nobhailean stèidhichte ann an iomadh àite eadar-dhealaichte, agus a’ tionndadh mu thachartasan eug-samhail. Agus tha pearsachan de dh’iomadh seòrsa aig cridhe nan nobhailean an latha an-diugh. Tha fiù ’s nobhailean ann a chaidh an sgrìobhadh airson na feadhna a tha fhathast ag ionnsachadh Gàidhlig a leughadh – rud air a bhiodh sinn air fàilte a chur sna làithean cian ud o chionn còrr is deich bliadhna air fhichead.


Dè an ath rud, mar sin? A rèir luchd-teòirig eadar-theangachaidh, Itamar Even-Zohar nam measg, tha e comasach do litreachas eadar-theangaichte barrachd neart is beartas a thoirt do mhion-chànan, ma thèid a dhèanamh san dòigh cheart. Tha iomairt ùr eadar-institiuideach a tha an dùil taic a chumail ri eadar-theangachaidhean de nobhailean bho chànanan Eòrpach (sa chiad àite) gu Gàidhlig. Tha an iomairt stèidhte aig Ionad Eòghainn MhicLachlainn aig Oilthigh Obar Dheathain, le taic is co-obrachadh bho Chomhairle nan Leabhraichean agus co-obraichean aig oilthighean eile an Alba, an Èirinn, agus san t-Seic. Cò ris a bhios suidheachadh nobhailean na Gàidhlig coltach an dèidh deich bliadhna air fhichead eile? Chan eil càil a dh’fhios agamsa, agus is math nach eil.





Dealbh le Hazel Frew.

Drop Me a Line, Let Me Know What You Think

© 2023 by Train of Thoughts. Proudly created with Wix.com